Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
 Home > So-ruigsinneachd > ..back
So-ruigsinneachd

A’ cumail smachd air teacsa agus dathan taobh a-staigh an rùraiche (browser) eadar-lìn agaibh

Is urrainn dhuibh meud clò, stoidhlean agus dathan, roimh-raon (foreground) agus cùl-raon (background), dathan duilleagan an Eadar-Lìn a bhios a’ nochdadh air sgàilean ur coimpiutair a thaghadh, fiù’s ma tha ùghdair na duilleig Eadar-lìn air na rudan seo a thaghadh cheana. A bharrachd air seo, is urrainn dhuibh an dath a shònrachadh a bhios ga chleachdadh airson ceanglaichean a thaispeanadh taobh a-staigh duilleagan Eadar-lìn no an dath air leth a bhios ga chleachdadh airson cheanglaichean nuair a bhios an cùrsair a’ dol seachad orra.

Bidh seo feumail mur a bi ur fradharc cho math no ma bhios feum agaibh air clò as motha no dathan le ao-choltas (contrast) àrd. Is urrainn dhuibh ur roghainnean fhèin de dhathan agus de chlò a thaghadh taobh a-staigh Internet Explorer, can na bhios ga chleachdadh agaibh taobh a-staigh Windows no na roghainnean a bhios agaibh taobh a-staigh ur duilleag-stoidhle fhèin.

Ma bhios sibh a’ cleachdadh nan rùraiche Internet Explorer no Netscape airson sùil a thoirt air an Eadar-lìon, bidh an t-iùl a leanas gur cuideachadh le meudachadh an teacsa agus gus na dathan air ur sgàilean atharrachadh.

Microsoft Internet Explorer air PC

Fosgailibh ur Rùraiche Eadar-lìon Internet Explorer
Roghnaichibh 'Tools' bhon chlàr-iùil aig bàrr ur n-uinneig
Roghnaichibh 'Internet options....' bho na roghainnean a nochdas,
Gliogaibh air an tàb 'General'
Gliogaibh air a’ phutan le 'Accessibility' sgrìobhte air.
Airson am meud clò agaibh atharrachadh, roghnaichibh an tic-bhocsa le 'Ignore font sizes specified on Web pages' sgrìobhte air
Airson a’ chùl-raoin agus dathan clò a chur às, roghnaichibh an tic-bhocsa le 'Ignore colours specified on web pages' sgrìobhte air
Gliogaibh OK (agus dèanaibh a-rithist e ma bhios e riatanach)
Roghnaichibh 'View' bhon chlàr-iùil aig bàrr ur n-uinneig
Roghnaichibh 'Text size' bho na roghainnean a nochdas,
Roghnaichibh na tha sibh ag iarraidh mar mheud clò

Microsoft Internet Explorer air Apple Mac

Fosgailibh ur Rùraiche Eadar-lìon Internet Explorer
Roghnaichibh an clàr-iùil 'edit' aig bàrr ur n-uinneig
Roghnaichibh 'preferences' bho na roghainnean a nochdas
Gliogaibh air 'web content'
Dioroghnaichibh am putan le 'show style sheets' sgrìobhte air
Tillibh chun na liosta roghainnean
Gliogaibh air 'web browser'
Roghnaichibh 'language/fonts'
Roghnaichibh na tha romhaibh mar mheud clò

Mion-fhiosrachadh airson dhaoine a bhios a’ cleachdadh Netscape Navigator

Teacsa

Roghnaichibh 'Edit' bhon chlàr-iùil aig bàrr ur n-uinneig agus roghnaichibh 'Preferences'
Fosgailibh a’ bhuidheann Appearance agus gliogaibh air a’ ghnè 'Fonts'
Ri thaobh an teacsa 'For the encoding', bu chòir ‘Western to tell the computer which types of letters and symbols to use’ a bhith ann. Bho ‘Size’ roghnaichibh 18
Ri taobh an teacsa “the Variable Width Font field”, tha bocsa a-nuas: roghnaichibh 'Arial'. Bu choir 'Courier New' a bhith ga taispeanadh anns a’ bhocsa “fixed Width Font”. Bho 'Size' roghnaichibh 18.
Airson bacadh a chur air a’ chlò a roghnaich ùghdair na duilleig eadar-lìn, roghnaichibh 'Use my default fonts overriding document specified fonts'
Gliogaibh ‘OK’

Dathan

Roghnaichibh 'Edit' bhon chlàr-iùil aig bàrr ur n-uinneig agus roghnaichibh 'preferences'
Fosgailibh a’ bhuidheann Appearance agus Gliogaibh a’ ghnè 'Colours' Roghnaichibh putan dathte airson dathan a’ chlò, a’ chùl-raoin, cheanglaichean tadhailte no mì-thadhailte a dh’atharrachadh.
Airson bacadh a chur air na dathan a roghnaich ùghdair na duilleig eadar-lìn, roghnaichibh 'Always use my colours, overriding document'
Gliogaibh ‘OK’