Stòr-fhaclan
| Àm co-dhùnaidh -
decision time |
Eu-coltach ri Westminster, far an tèid bhòtaichean a chur aig ceann gach deasbaid, ann am Pàrlamaid na h-Alba tha a' chuid as motha de na bhòtaichean air an gabhail uile gu lèir aig an aon àm aig deireadh gach latha. |
| An Aithisg Oifigeil - Official Report |
an cunntas oifigeil dhen h-uile rud a chaidh a ràdh anns a' Phàrlamaid. Thèid a foillseachadh aig 8 uairean sa mhadainn an dèidh gach làn-choinneamh Pàrlamaid. Chithear luchd aithisg oifigeil anns an t-seòmar a' gabhail notaichean den h-uile nì a tha na buill ag ràdh. |
| An t-Oifigear-riaghlaidh - Presiding Officer |
Tha an t-Oifigear Riaghlaidh air ceann chùisean anns a' Phàrlamaid agus tha e a' dèanamh cinnteach gu bheil gnothaichean air an ruith gu h-èifeachdach, air an uair, gu cothromach, air taobh a-staigh na riaghailtean ann an dòigh rianail. Tha dithis Leas-oifigear Riaghlaidh ga chuideachadh. |
| Athchuinge - petition |
Ma tha daoine mì-thoilichte mu dheidhinn rudeigin a tha iad airson atharrachadh, faodaidh iad athchuinge a thoirt dhan Phàrlamaid. Tha athchuinge air a dhèanamh suas bho aithris agus liosta de luchd-taice. Tha Pàrlamaid na h-Alba air Comataidh shònraichte a stèidheachadh airson dèiligeadh ri athchuingean. |
|