Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Seirbheis Teachdaireachd Teacsa

Faodar fios a chur gu Pàrlamaid na h-Alba tro theachdaireachdan teacs air 07786 209888. (Feumar cìsean àbhaisteach an lìonra agaibh a phàigheadh.)

Faodar na rudan seo a dhèanamh tron t-Seirbhis Teacs againn:

Text Service - Seirbheis Teacs

  • Faigh a-mach cò na BPA a th' agad - dìreach cuir an còd-puist thugainn air a leantainn leis an litir G
  • Faighnich ceistean mu Phàrlamaid na h-Alba, mu a ballrachd, a gnothaichean agus a dòighean-obrach
  • Faigh bileagan fiosrachaidh an-asgaidh. Cuir teacs thugainn leis an facal PASGAN cho math ri d' ainm is do sheòladh is cuiridh sinn pasgan fiosrachaidh thugad

Mun t-Seirbhis Teacs

Cosgaidh teachdairean teacsa don àireamh 07786 209888 cìsean àbhaisteach na lìonra agad. Ma tha thu ag iarraidh barrachd fiosrachaidh mu na cìsean seo, cuir fios don chompanaidh fòn agad.

Thoir an aire nach urrainn dhuinn teachcdaireachdan teacs a fhreagairt no a chur air adhart ach bho Dhiluain gu Dihaoine rè uairean oifis.

Is urrainn dhuinn teachdaireachdan a chur air adhart do BhPA sam bith a dh'ainmicheas tu san teacs. Thoir an aire, ge-tà, gu bheil e an urra ris a' BhPA sin freagairt a chur thugad no gnìomh sam bith eile a ghabhail mar thoradh air an teacs. Ma tha thu a’ cur fios gu BPA, bu chòir dhut d’ainm is do sheòladh a chur am broinn na teachdaireachd.

Ma tha beachd no ceist sam bith agad mun t-seirbhis seo, cuir fios do Sheirbheis Fiosrachaidh a' Phobaill.

Postair Fiosrachaidh

Tha sinn air postair fiosrachaidh A4 a dheanamh mun t-seirbhis teacs.

Achd Dìon Dàta 1998: Ma chleachdas tu an t-seirbheis seo, bidh thu a’ cur teachdaireachd do Bhuidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba (BCPA) agus dh’fhaoidte gum bi dàta pearsanta na lùib. Mas ann do BhPA a tha do theachdaireachd, dh’fhaoidte gun cuir BCPA, no do cuideigin a tha ag obair às a leth, an teachdaireachd agus dàta pearsanta sam bith a tha na lùib air adhart don BhPA iomchaidh. Mas ann do BhCPA a tha do theachdaireachd, dh’fhaoidte gun cùm i dàta pearsanta sam bith a tha an lùib na teachdaireachd gus an teachdaireachd a fhreagairt agus cuideachd airson a clàraidhean.