Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

PÀRLAMAID NA H-ALBA AGUS CEANGLAICHEAN RIS AN TAOBH A-MUIGH
Carson a tha a’ Phàrlamaid a’ dèanamh ceangail ris an t-saoghal air an taobh a-muigh?

Gnàth-riaghailtean na Pàrlamaid. Bidh seo a’ toirt uallaich don Oifigear-riaghlaidh agus dha na Fo-oifigearan aige a’ Phàrlamaid a riochdachadh dhan t-saoghal air an taobh a-muigh. Is e pàirt gu math cudromach dhen obair aca a th’ ann.

Is e Pàrlamaid fhosgailte, phàirteachail a tha an seo. Bidh pàrlamaidean, riaghaltasan agus buidhnean eile air feadh an t-saoghail ag iarraidh gnothach a ghabhail rinn. Faodaidh sibh sealltainn air prògram nan cuairtean a bhios ann am-bliadhna air Prògram nan Cuairtean. Seach gum faod cuairtean atharrachadh, cuiribh fios gu Aonad nan Dàimhean Taobh A-muigh air 00 44 (0)131 348 5322 gus fios a tha ris an latha fhaighinn. Mar bhuidhinn nach eil ach òg, tha tòrr againn ri ionnsachadh bho bhuidhnean eile a tha nas eòlaiche agus nas teòma thar tomhas farsaing de dh’ uallaichean na Pàrlamaid. Bidh ionnsachadh bho fheadhainn eile na chuideachadh dhan Phàrlamaid agus do na buill innte ach an dèan iad obair nas fheàrr.

Tha mòran de dh’ obair na Pàrlamaid fo bhuaidh reachdais no poileasaidh Eòrpaich agus mar sin feumaidh a’ Phàrlamaid agus a cuid chomataidhean conaltradh a dhèanamh ris a’ Bhruiseal.

Cuideachd, faodaidh sinn an t-eòlas a fhuair sinn a’ cruthachadh deamocrasaidh ùir a shealltainn do dhaoine eile. Tha seo a’ cur ris an eòlas a tha air a’ Phàrlamaid thall thairis agus bidh e a’ toirt barrachd buaidh do dh’ Alba.

Dòigh-obrach na Pàrlamaid mu cheanglaichean ris an taobh a-muigh

Bidh na h-Oifigearan-riaghlaidh, le taic bho na pàrtaidhean uile, ag obair air a’ bhunait gun fheum obair cheanglaichean ris an taobh a-muigh cur ri amasan agus obair na Pàrlamaid agus gum faod a’ Phàrlamaid cuideachadh gu sònraichte a thaobh a bhith a’ leasachadh an àite fo-stàite agus deamocrasaidh phàirteachaidh. Bidh an t-Oifigear-riaghlaidh ag obair gu dlùth le Riaghaltas na h-Alba gus a’ bhuaidh as fheàrr a thoirt air ar n-oidhirpean airson na h-Alba agus le comhairle bho Oifis Ghnothaichean Thall Thairis agus a’ Cho-fhlaitheis.

Tha a’ Phàrlamaid air ceanglaichean daingeann a stèidheachadh le Pàrlamaid na RA agus leis na riaghaltasan tiomnaichte agus le Dáil Éireann. Tha a’ Phàrlamaid na ball de Bhuidheann Eadar-riaghaltasan Bhreatainn agus Èireann agus de Comann Pàrlamaideach a’ Cho-fhlaitheis agus tha i gu math dèanadach anns a h-uile gin dhiubh.

Tha ceanglaichean le Pàrlamaid na h-Eòrpa agus le stèidheachaidhean eile aig an Aonadh Eòrpach gu math cudromach cuideachd. Tha Buill Pàrlamaid a’ gabhail pàirt ann an Comataidh nan Roinnean, buidheann a bhios a’ coiteachadh às leth leas roinnean agus fo-stàitean anns an Aonadh Eòrpach agus anns an t-Seòmar Roinneil de Chaidreachas Ùghdarrasan Ionadail agus Roinneil na h-Eòrpa aig Aonadh na h-Eòrpa. Tha a’ Phàrlamaid cuideachd ag iarraidh gu mòr ceanglaichean daingeann a stèidheachadh le roinnean agus dùthchannan reachdais eile san Roinn-Eòrpach, nam measg dùthchannan a dh’fhaodadh a bhith nam buill den Aonadh san ùine air thoiseach.

Tha pàirt nach beag aig a’ Phàrlamaid ann am fèilleachadh bliadhnail Latha a’ Bhreacain ann an America agus tha ceanglaichean le buidhnean reachdais agus riaghaltais thall an sin a’ dol am meud agus an neart fad na tìde.

Tha a’ Phàrlamaid a’ cur fàilte air daoine às gach ceàrnaidh den t-saoghal anns a bheil ùidh ann an deamocrasaidh air a sgaoileadh. Tha tòrr riochdairean às leth riaghaltasan agus phàrlamaidean air a bhith ann an Dùn Èideann a bhruidhinn rinn. Gus prògraman a chur air dòigh a tha a’ freagairt air feumalachdan an luchd-tadhail againn agus na Pàrlamaid, tha sinn ag iarraidh gun cuirear iarrtasan a-steach gu math fada ro làimh. Mar as trice, chan eil e comasach dhuinn cuairt a chur air dòigh gun fhios co-dhiù sia seachdainean ro làimh no aig àm fosaidh sa Phàrlamaid.

An-dràsta is a-rithist, bidh buidhnean-riochdachaidh bho Phàrlamaid na h-Alba a’ tadhal air pàrlamaidean eile no a’ gabhail pàirt ann an tachartasan thall thairis. Faodaidh sibh aithisgean mu buidhnean-riochdachaidh thall thairis le bhith a’ dèanamh briog an seo.

Tha comataidhean fa leth cuideachd a’ cruthachadh cheanglaichean le buidhnean den aon seòrsa ann am pàrlamaidean eile far a bheil an cuid raon-ùghdarras a’ dèanamh seo prìseil.

Ma tha sibh ag iarraidh barrachd fhaighinn a-mach mu cheanglaichean na Pàrlamaid ris an t-saoghal air an taobh a-muigh, nach cuir sibh fios gu Aonad nan Dàimhean Taobh A-muigh.