Air ais
Parliament Logo

 

Stiùireadh ann a bhith a' cur a-steach Athchuingean Poblach

 

Mar a chuireas tu a-steach Athchuinge PhoblachRiochd is fheàrrCùisean Sgaoilte agus Glèidhte

 

Tha Comataidh nan Athchuingean Poblach aig Pàrlamaid na h-Alba a' toirt cothrom dhan phoball pàirt a ghabhail anns a' mhodh-obrachaidh pàrlamaideach. Chan eil bacadh sam bith ann a thaobh cò a dh'fhaodas athchuinge a chur a-steach. Tha an stiùireadh seo ag innse ciamar a bu chòir dhut athchuinge a chur a-steach gu Pàrlamaid na h-Alba.

Leugh na leanas gu cùramach.

Cuspair nan athchuingean

Faodaidh athchuinge iarraidh air a' Phàrlamaid:

  • beachd a ghabhail air cùis a tha a' togail ùidh neo iomagain am measg an t-sluaigh; neo

  • reachdas atharrachadh neo reachdas ùr a thoirt a-steach.

Chan fhaod a' Phàrlamaid reachdas atharrachadh neo reachdas ùr a thoirt a-steach ach a thaobh nan cùisean a chaidh an sgaoileadh bho Westminster. Chan urrainn dhi reachdas a dhèanamh air cùis sam bith a chaidh a ghlèidheadh le Pàrlamaid na RA. Tha geàrr-chunntas air na cùisean sgaoilte agus glèidhte ann an Eàrr-Ràdh B.

Chan eil raon-ùghdarrais sam bith aig a' Phàrlamaid gnothach a ghabhail ri neo bacadh a chur air co-dhùnaidhean a nì buidhnean poblach eile ann an Alba. Mar eisimpleir, chan urrainn don Phàrlamaid atharrachadh a thoirt air co-dhùnaidhean ùghdarrasan ionadail a thaobh cead dealbhaidh neo dùnadh sgoiltean; neo air co-dhùnaidhean Bùird Slàinte neo Urrasan Slàinte a thaobh nan goireasan slàinte a tha a' tighinn fon ùghdarras aca.

Chan e obair na comataidh a bhith a' moladh tuilleadh gnìomh a thaobh athchuingean a tha a' buntainn ri ceistean a tha, neo a bha, co-cheangailte ri imeachdan laghail neo cùirte, tribiunail gnìomhachais, modhan tagraidh agus a leithid. Ach faodaidh a' chomataidh beachdachadh air molaidhean a thaobh a bhith ag atharrachadh laghannan, modhan neo riaghailtean a th' air an adhbharachadh le cùisean dhen t-seòrsa seo, far a bheil fìreanachadh soilleir ann airson leithid a dh'atharrachadh.

Bu chòir do dh' athchuinge a bhith airson math a' phobaill. Cha bu chòir dhaibh iarraidh air a' Phàrlamaid rudeigin a dhèanamh a dh'fhaodadh a bhith mi-laghail. Cha bu chòir do bhriathran athchuinge fiosrachadh sam bith a thoirt seachad a tha ga chumail dìomhair fo thoirmeasg neo òrdugh cùirte (m.e. ainm cloinne ann an deasbadan cùraim) neo a tha frionasach a thaobh marsantachd, a tha dìomhair neo a dh'fhaodadh dragh pearsanta neo call adhbharachadh ma thèid fhoillseachadh. Bu chòir a bhith gu sònraichte faiceallach mu dheidhinn athchuingean a tha ag innse ainmean dhaoine a' buntainn ri casaidean eucorach neo cùisean co-cheangailte ri tèarainteachd nàiseanta. Cuideachd, cha bu chòir athchuinge a bhith a' dèiligeadh ri cuspairean a tha sub judice (sin, cùisean air a bheil imeachdan cùirte a' bualadh).

Feumaidh am fiosrachadh ann an athchuingean a bhith air a chur a-steach ann an deagh rùn. Cha bu chòir do luchd-tagraidh aithrisean neo fiosrachadh breugach a chur nan lùib a dh'aona ghnothaich.

Dè nì thu mus cuir thu athchuinge a-steach

Bu chòir don luchd-tagraidh a bhith air ceumannan a ghabhail gus feuchainn ri fuasgladh a lorg dha na cùisean a tha a' cur dragh orra mus cuir iad athchuinge chun na Pàrlamaid.

Mar eisimpleir, ma tha cuspair na h-athchuinge a' buntainn ri cùis a tha

tighinn fo ùghdarras poileasaidh Riaghaltas na h-Alba, bithear a' sùileachadh gum bith an luchd-tagraidh air ceistean a chur air an Riaghaltas agus freagairt fhaighinn. Ann an iomadh suidheachadh dh'fhaodadh gum biodh e iomchaidh cuideachd beachdan neo cuideachadh a shireadh bho riochdairean taghte ionadail (Comhairlichean, BPA, BP) air a' chùis.

Bu chòir fiosrachadh a chur a-steach aig an aon àm ris an athchuinge

mun fheadhainn ris an deach bruidhinn, còmhla ri leth-bhreacan neo geàrr-chunntasan dheth na freagairtean a chaidh fhaighinn. Mura tèid am fiosrachadh seo a chur a-steach, 's dòcha gun tèid an athchuinge a chur air ais chun an athchuingiche.

Cruth agus Brìgh Athchuingean

Nuair a tha thu riaraichte gu bheil cuspair na h-athchuinge agad freagarrach don chomataidh agus gu bheil thu air dòighean eile fheuchainn airson cùisean fhuasgladh, faodaidh tu an athchuinge agad a sgrìobhadh.

Bu chòir tiotal goirid a bhith air an athchuinge agus aithris ghoirid, shoilleir, phongail mu dheidhinn cuspair na h-athchuinge. Bu chòir dhan athchuinge innse gu follaiseach dè tha an athchuingiche ag iarraidh air a' Phàrlamaid a dhèanamh (faic Eàrr-Ràdh A airson eisimpleir air ciamar bu chòir dhut athchuinge a chur ri chèile).

Feumar cumail ri na slàtan-tomhais seo cuideachd:

  • feumaidh an athchuinge a bhith soilleir mu dheidhinn:

(a) ainm an athchuingiche;

(b) seòladh an athchuingiche far an tèid a h-uile pìos conaltraidh co-cheangailte ris an athchuinge; agus

(c) ainm agus seòladh duine sam bith a tha a' toirt taic don athchuinge.

  • feumaidh athchuingean a bhith anns a' Bheurla. Faodar athchuinge a chur a-steach ann an Gàidhlig na h-Alba – neo cànan sam bith eile – ach feumaidh leth-bhreac Beurla a bhith na chois.

  • feumaidh athchuingean a bhith air an taipeadh neo air an clò-bhualadh le coimpiutair, le inc dubh neo gorm air pàipear A4.

  • chan fhaod droch chainnt a bhith ann an athchuinge. Tha seo a' ciallachadh nach fhaod faclan mallachaidh a bhith ann, cha mhotha a bu chòir cànan a bhith annta a tha mì-stuama, buaireasach, beumnach neo piobrachail, neo a dh'fhaodadh a bhith oilbheumach do dhuine reusanta sam bith a leughadh e. Tha seo cuideachd a' buntainn ri conaltradh sam bith co-cheangailte ri athchuingean agus stuthan taic sam bith a dh'fhaodar a chur a-steach.

Cha tèid gabhail ri athchuinge mur a cùm iad ri na slàtan-tomhais sa. Gheibh athchuingichean fios ann an sgrìobhadh mura tèid gabhail ris an athchuinge aca agus gheibh iad na h-adhbharan airson a' cho-dhùnaidh sin. Mura bheil e follaiseach bhon athchuinge dè tha an athchuingiche ag iarraidh air a' Phàrlamaid a dhèanamh, thèid a chur air ais don athchuingiche airson soilleireachadh.

Feuman Sònraichte

Faodar athchuingean a dhèanamh ann am Braille cuideachd. 'S dòcha

gum faodadh daoine eile le feuman sònraichte athchuingean a dhèanamh ann an dòighean eile ma tha an suidheachadh iomchaidh. Air adhbhar prataigeach, feumar athchuinge ann am Braille neo cruth eile a chur a-steach le leth-bhreac clò-bhuailte na lùib. Bhiodh e feumail ge-tà, nam b' urrainn don luchd-tagraidh bruidhinn ri Clàrc na comataidh mu dheidhinn nam feuman sònraichte aca mus cuir iad an athchuinge a-steach.

A' cur athchuinge a-steach

Nuair a tha an athchuinge agad deiseil bu chòir dhut a chur gu Clàrc Comataidh nan Athchuingean Poblach.

Tha dà dhòigh air athchuinge a chur a-steach: air pàipear (le post neo le làmh) neo ann an riochd eileagtronaigeach.

Gheibh a h-uile neach-tagraidh fios-freagairt sgrìobhte nuair a ruigeas an athchuinge aca.

A’ Beachdachadh air athchuingean

Beachdaichidh a' chomataidh air a h-uile athchuinge cheadaichte agus thig iad gu co-dhùnadh air dè a bu chòir a dhèanamh anns gach suidheachadh.

Tha grunnan rudan ann a dh'fhaodas a' chomataidh a dhèanamh. Leithid;

    1. beachdachadh agus aontachadh nach tèid an còrr a dhèanamh;
    2. beachdachadh air an athchuinge agus co-dhùnadh gun tèid a chur gu buidheann neo neach eile anns a' Phàrlamaid leithid an Oifigear Riaghlaidh, Biùro na Pàrlamaid neo Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba airson 's gum beachdaich iadsan air;

    3. beachdachadh air an athchuinge agus co-dhùnadh a chur gu buidheann eile (taobh a-muigh na Pàrlamaid) leithid Riaghaltas na h-Alba airson gum beachdaich iad air agus gun toir iad freagairt dha;

    4. beachdachadh air an athchuinge agus moladh do Bhiùro na Pàrlamaid gum bu chòir an athchuinge a dheasbad aig coinneamh na Pàrlamaid;

    5. iarraidh air an athchuingiche/ichean a thighinn a bhruidhinn riutha;

    6. iarraidh air an athchuingiche/ichean fiosrachadh a bharrachd a thoirt dhaibh airson an cuideachadh a' tighinn gu co-dhùnadh air dè tha iad a' dol a dhèanamh mu dheidhinn na h-athchuinge; neo
    7. rud sam bith eile a tha iad a' smaoineachadh iomchaidh a dhèanamh.

Cleachdaidh a' chomataidh aon de na dòighean obrach sin a' rèir an t-suidheachaidh anns gach cùis. An uair sin bheir i freagairt fhoirmeil don athchuingiche ag innse gu soilleir dè a tha ri dhèanamh neo ag innse nach eil dad a' dol a thachairt.

Cumaidh a' chomataidh sùil air tachartasan sam bith a thèid a chur an gnìomh an cois gach athchuinge a thig air beulaibh na Pàrlamaid. Foillsichidh i aithisg bhliadhnail a bheir seachad geàrr-chunntas air na rinn a' chomataidh.

Tuilleadh fiosrachaidh

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh agus comhairle mu bhith a' cur athchuinge a-steach gu Pàrlamaid na h-Alba bho:

Clàrc Comataidh nan Athchuingean Poblach

Pàrlamaid na h-Alba

Dùn Èideann

EH99 1SP

Fòn: 0131 348 5186

Post-d: petitions@scottish.parliament.uk

EÀRR-RÀDH A

EÀRR-RÀDH B

Gheibhear làn fhiosrachadh mu Chomataidh Athchuingean Pàrlamaid na h-Alba agus mu na h-athchuingean a tha Pàrlamaid na h-Alba air fhaighinn aig: www.scottish.parliament.uk/petitions/index.htm.

 

A' Cur Fios air an t-Seirbheis Fiosrachaidh Phoblach

Ceistean Fòn agus Bòrd-Seinnse
0845 278 1999 (prìs fòn ionadail)
0131 348 5000 (prìs fòn nàiseanta)

Minicom 0131 348 5415

Facs 0131 348 5601
Post-d sp.info@scottish.parliament.uk
Le litir Seirbheis Fiosrachaidh Phoblach
Pàrlamaid na h-Alba
Dùn Èideann EH99 1SP

Oifigear Gàidhlig - Alasdair MacCaluim
Fòn 0131 348 5395
Facs 0131 348 6910

Post-d alasdair.maccaluim@scottish.parliament.uk
Neo sgrìobh thuige aig an t-seòladh gu h-àrd

Seirbheis Foghlaim
le fòn 0131 348 5405
le facs 0131 348 6910
le post-d education.service@scottish.parliament.uk
No sgrìobh chun an t-Seirbheis Foghlaim aig an t-seòladh gu h-àrd

www.scottish.parliament.uk
www.scottishparliamentlive.com

Air fhoillseachadh le Seirbheis Fiosrachaidh Phoblach Pàrlamaid na h-Alba, Am Màrt 2001.