Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Gàidhlig


BEÒ! Ceistean don Phrìomh Mhinistear agus Holyrood Highlights

Ceistean don Phrìomh Mhinistear agus Holyrood Highlights Thèid Ceistean don Phrìomh Mhinistear a chumail aig meadhan latha an-diugh nuair a fhreagras Ailig Salmond BPA ceistean san t-seòmar bho cheannardan nan dùbhlanach agus bho bhuill eile. Thèid ar prògram seachdaineach air gnothaichean na Pàrlamaid, Holyrood Highlights, a chraoladh aig 12.30f, dìreach às dèidh Ceistean don Phrìomh Mhinistear.

Faigh a-mach barrachd: Gnothaichean Pàrlamaideach

Comataidh a’ càineadh buidheann iomairt air làimhseachadh rèile-beinne

Sealladh den Mhonadh Ruadh.  Dealbh: Gordon Corrin/iStockphotoTha comataidh Pàrlamaid na h-Alba air Iomairt na Gàidhealtachd a chàineadh gu làidir mar thoradh air mar a làimhsich e pròiseact rèile-beinne a’ Mhonaidh Ruaidh.

San aithisg aice Leirmheas air rèile-beinne a’ Chairn Ghuirm , a chaidh fhoillseachadh an-diugh, chuir Comataidh Sgrùdadh Poblach an cèill nach robh a’ bhuidheann iomairt air na cunnartan a mheasadh ceart, rud a chur ri àrdachadh chosgaisean togail is ruith.
Faigh a-mach barrachd: Fios naidheachd (Gàidhlig ri tighinn) | Comataidhean| Iomairt na Gàidhealtachd

Taisbeanadh Dealbh Luchd-naidheachd an t-Saoghail

daoine aig an taisbeanadh an-uiridhBidh prìomh thaisbeanadh dealbhan luchd-naidheachd an t-saoghail a’ fosgladh a-rithist aig Pàrlamaid na h-Alba don chòigeamh bliadhna an dèidh a chèile 3 Lùnastal.

Tha taisbeanadh dealbhan luchd-naidheachd an t-saoghail ga chumail ann an Taigh an Ròid mar phàirt den Fhèis Phoilitigs bhliadhnail le dealbhan a ghlèidh duaisean anns a’ cho-fharpais am-bliadhna anns an robh barrachd is 100,000 dealbh air an cur a-steach bho cha mhòr 6,000 neach-togail dhealbh.

Bidh an taisbeanadh fosgailte don phoball eadar 3-28 Lùnastal.

Faigh a-mach barrachd: Taisbeanadh Dealbh Luchd-naidheachd an t-Saoghail 10 | Leugh barrachd mun taisbeanadh

Rìgh-chathair Chruithneach ùr aig Taigh an Ròid

Rìgh-chathair Chruithneach ann an Taigh an Ròid Tha a’ chiad Rìgh-chathair Cruinneach a chaidh a thogail bho chionn còrr is mìle bliadhna ri faicinn ann an Taigh an Ròid.

Chaidh an rìgh-chathair a thogail le Adrian McCurdy, neach-dèanamh àirneis às na Crìochan. Bha an dealbhadh aige stèidhichte air dealbhan de dhaoine nan suidhe air rìgh-chathraichean bho charraighean Cruithneach.

Tha e gu math iomchaidh gu bheil an Righ-chathair suidhichte ann an Pàrlamaid na h-Alba a chionn’s gun robh Rìghrean Cruithneach cho cudromach uair ann an riaghladh na h-Alba.

Chaidh an rìgh-chathair, a bhios ri faicinn sa Phàrlamaid gu deireadh a’ Mhàirt, a choimiseanadh Companaidh Glenmorangie agus le Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba gus tuigse a bhrosnachadh air muinntir ro-eachdraidheil na  h-Alba agus an saoghal aca.

Faigh a-mach barrachd: Tbh Taigh an Ròid | An Seòmar | Gnothaichean pàrlamaideach làthaireach is san àm ri teachd

Tursan Treòraichte Gàidhlig an-asgaidh aig Taigh an Ròid

inneal-làimheFaodaidh muinntir na Gàidhlig turas an-asgaidh a ghabhail mu Thaigh an Ròid a-nis fhad is a bhios iad ag èisteachd ri iùl anns a' chànan aca fhèin.

Faodaidh luchd Gàidhlig a thèid air tursan-iùil innealan-làimhe a chleachdadh gus barrachd ionnsachadh mu Phàrlamaid na h-Alba.

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh Ailig MacFhearghais BPA: “Tha sinn moiteil mar Phàrlamaid às a bhith fosgailte is follaiseach agus is e adhbhar-gàirdeachais a tha ann an t-seirbheis mu dheireadh le cosgais do luchd-tadhail gu Taigh an Ròid a thoirt air falbh.

“Tha sinn an dòchas gun toir seo air fìù barrachd de luchd-labhairt na Gàidhlig a thighinn is a dh’fhaicinn na Pàrlamaid dhaibh fhèin.”

Faigh a-mach barrachd: Leugh am fios naidheachd | A' tadhal air Taigh an Ròid | Pàrlamaid na h-Alba

Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba

faclairean GàidhligBidh sgioba Gàidhlig na Pàrlamaid a’ toirt seachad sheirbheisean Gàidhlig do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, a’ gabhail a-staigh foillseachaidhean. Tha Pàrlamaid na h-Alba air plana Gàidhlig reachdail ullachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Faodaidh tu sgrìobhadh no fònadh don Phàrlamaid sa Ghàidhlig: 0131 348 5395; gaidhlig@scottish.parliament.uk.

Faigh a-mach barrachd: Seirbheis na Gàidhlig I Goireasan Gàidhlig (faclairean, ainmean-àite 7c.) | Foillseachaidhean Gàidhlig I Co-chomhairlean | Plana Gàidhlig | Gaelic in the Scottish Parliament