Am Pròiseas Reachdail
Bilean: Geàrr iomradh
- Bile : dreach Achd aig Pàrlamaid na h-Alba
- Achd : lagh - tuilleadh
- Bile Riaghaltais : Ga thoirt a-steach le Ministearan - tuilleadh
- Bile Buill : Ga thoirt a-steach le Ball Pàrlamaid na h-Alba - tuilleadh
- Bile Comataidh : Ga thoirt a-steach le Neach-gairm Comataidh Pàrlamaid - tuilleadh
- Bile Prìobhaideach : Ga thoirt a-steach le neach, companaidh no buidheann bhon taobh a-muigh - tuilleadh
- Liosta Cruinnichte : Liosta eagraichte de dh'atharrachaidhean a tha ceadaichte - tuilleadh
Bilean Riaghaltais
Is e seo bile a tha air a thoirt a-steach le Ministear no Leas-mhinistear Riaghaltas na h-Alba gus poileasaidh an Riaghaltais a chur an gnìomh.
Bilean Bhall
Is e seo Bile poblach a tha air a thoirt a-steach le ball nach e na bhall de Riaghaltas na h-Alba gus moladh a chur air adhart as leth a' bhuill sin. Bidh am ball a' cur a mholaidh air adhart tron Iris-ghnothaichean (Business Bulletin) ann am brath le ainm a' bhuill, tiotal a' bhile, agus mìneachadh goirid air na bhiodh anns a' bhile a thathar a' moladh. Ma bheir co-dhiù 11 ball taic eile dhan mholadh airson bile taobh a-staigh miosa, faodaidh am ball am bile aice/aige a thoirt a-steach anns an t-seisean phàrlamaideach sin.
Bilean Comataidh
Is e seo Bile a thèid a thoirt a-steach le Neach-gairm comataidh pàrlamaideach air cuspair a tha ann an raon-ùghdarrais na Comataidh. Thathar a' cur mholaidhean airson bilean air adhart tro aithisg dhan Phàrlamaid.
Ceanglaichean Feumail
|