Biùro na Pàrlamaid
Dleasdanasan
Tha prìomh dhleastanasan Biùro na Pàrlamaid air am mìneachadh ann an Gnàth-riaghailtean na Pàrlamaid (Riaghailt 5.1) mar seo:
(a) a’ moladh prògram ghnothaichean na Pàrlamaid;
(b) a’ moladh atharrachaidhean air an liosta ghnothaichean làitheil;
(c) a’ moladh stèidheachadh, raon-ùghdarras, ballrachd agus ùine comataidh neo fo-chomataidh sam bith; agus
(d) a’ rèiteachadh ceist sam bith a thaobh comasachd comataidh airson dèiligeadh ri cuspair agus, rèiteachadh a dhèanamh air dè a’ chomataidh a stiùireas gnothach sam bith a tha fon ùghdarras aig barrachd air aon chomataidh.
Ballrachd
Tha na Gnàth-riaghailtean ag ràdh gum bi Biùro na Pàrlamaid air a dhèanamh suas leis an Oifigear-riaghlaidh, riochdaire bho gach pàrtaidh poileataigeach aig a bheil còig neo barrachd de BhPA agus riochdaire bho bhuidhinn sam bith de chòig no barrachd bhall bho phàrtaidhean aig a bheil nas lugha na 5 BPA neo nach buin do phàrtaidh poileataigeach sam bith.
Is e ballrachd gnàthaichte Biùro na Pàrlamaid:
Leigidh na Gnàth-riaghailtean le buill a’ Bhiùro rèiteachadh a dhèanamh airson aon bhall eile an àite a ghabhail aig coinneamhan a’ Bhiùro le bhith a’ cuir fios ann an sgrìobhann chun an Oifigeir-riaghlaidh ro làimh. Mar chleachdaidh, bìdh na Libearalaich Dheamocratach air an riochdachadh air a’ Bhiùro le Seòras Lyon.
Dòighean-obrach
A-rèir nan Gnàth-riaghailtean (Riaghailt 5.3.2), bìdh a’ Bhiùro a’ coinneachadh ann an dìomhaireachd. Bìdh a’ Bhiùro an còmhnaidh a ‘ feuchainn ri aonta fhaighinn mu na co-dhùnaidhean aca, ach nuair a bhios feum air bhòt, bìdh aon bhòt aig gach ball airson gach ball den phàrtaidh neo den bhuidhinn a tha iad a’ riochdachadh. Ma bhios na bhòtaichean co-ionnan, tha bhòt sheulachaidh aig an Oifigear-riaghlaidh.
Coinneamhan
Bìdh a’ Bhiùro mar as àbhaist a’ coinneachadh gach seachdain feasgar Dimàirt. Gheibhear clàr-gnothaich, na pàipearan agus geàrr-chunntas gach coinneimh den Bhiùro an seo.
Thèid pàipearan agus clàran-gnothach airson coinneamhan Biùro na Pàrlamaid fhoillseachadh, còmhla ri geàrr-chunntasan ceadaichte, mar as àbhaist an t-seachdain an dèidh na coinneimh a bhith ann. Cha tèid pàipearan anns a bheil fiosrachadh a thathas den bheachd a tha neo-bhuailteach fo Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) 2002 fhoillseachadh.
Cuir fios gu
Daibhidh McGill, Clàrc
0131 348 5176
david.mcgill@scottish.parliament.uk
Irene Fleming, Leas-àrd Chlàrc
0131 348 5192
irene.fleming@scottish.parliament.uk
(Chuirear fàilte air fiosan tro RNID Typetalk)
|