Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Pàipearan Rannsachaidh
 

Fàilte oirbh gu àrainn nam Pàipearan-ullachaidh Rannsachaidh air eadar-lìon Pàrlamaid na h-Alba

Tha brathan-ullachaidh rannsachaidh gan sgrìobhadh le luchd-rannsachaidh ann an Ionad-fiosrachaidh Pàrlamaid na h-Alba (SPICe). Bidh brathan-ullachaidh rannsachaidh SPICe gan cleachdadh le Buill mar thaic ri gnothaichean na Pàrlamaid anns na Comataidhean agus anns an t-Seòmar is cha bhi iad a’ gabhail taobh seach taobh aig àm sam bith.

Faodar sealltainn air brathan-ullachaidh a rèir cuspair no a rèir ceann-latha foillseachaidh.

Tha brathan-ullachaidh SPICe a tha ceangailte ri bilean a tha a’ dol air adhart tron a’ Phàrlamaid an-dràsta cuideachd rim faotainn air duilleig a’ bhile fhèin.

Chan fhaod luchd-rannsachaidh SPICe na tha am broinn nam brathan-ullachaidh aca a dheasbad le daoine bhon mhòr-shluagh. Ma tha beachdan agaibh mu bhrath-ullachaidh SPICe sam bith, faodaidh sibh post-dealain a chur thugainn aig spice.research@scottish.parliament.uk

A’ Clàradh mar neach-comhairle Comataidh no/agus mar neach-comhairle rannsachaidh bhon taobh a-muigh

Faodaidh daoine no buidhnean aig a bheil fiosrachadh teòma air gin de na cuspairean tiomnaichte ris a bheil a’ Phàrlamaid an urra bileag air-loidhne a chleachdadh agus clàradh mar dhuine a dh’fhaodadh a bhith na neach-comhairle do Chomataidhean Pàrlamaid na h-Alba agus mar neach-comhairle rannsachaidh bhon taobh a-muigh. Fiosrachadh slàn agus ceangal ris a’ bhileig .

Is e a tha ann an luchd-comhairle daoine teòma bhon taobh a-muigh a chuidicheas Comataidhean na Pàrlamaid fhad agus a tha iad a’ dèanamh rannsachaidh.

Thathar ag iarraidh air luchd-comhairle bhon taobh a-muigh rannsachadh sònraichte a tharraing a-mach airson Comataidhean na Pàrlamaid.