Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Plana Gàidhlig Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba

Tha Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba air Plana Gàidhlig reachdail a dheasachadh airson 2008-2013 fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Chaidh seo aontachadh le Bòrd na Gàidhlig an co-rèir ri earrann 5(1)(a) den Achd air 19 Cèitean 2008.

Anns a’ Phlana tha BCPA airson am prionnsabal a chur an sàs gu bheil a' Ghàidhlig agus a' Bheurla airidh air spèis cho-ionnan.

Tha am Plana a’ mìneachadh solarachadh Buidheann Chorporra na h-Alba aig an àm seo agus mar a thèid seo a leudachadh is a leasachadh tro gheallaidhean a’ Phlana.

Thèid barrachd fios mun Phlana a chur air an duilleig seo nuair a thèid ullachaidhean a’ Phlana a chur an gnìomh.

Airson barrachd fiosrachaidh mun Phlana Gàidhlig, cuiribh fios gu Seirbheis na Gàidhlig, Pàrlamaid na h-Alba, EH99 1SP, fòn: 0131-348-5395, facs: 0131-348-5601, teacs: 07786 209888 (cosgais àbhaisteach an lìonra agad), post-d: gaidhlig@scottish.parliament.uk , www.parlamaid-alba.org