Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Taisbeanaidhean

. 'Reversible'   20 Giblean - 6 Cèitean 2007

Artist  Azusa Sakata with her artwork in the Parliament

Fosglaidh taisbeanadh air leth de shaothair 12 neach-ceuma ealain às an t-Seapan a bha nan oileanaich ann an Alba aig Pàrlamaid na h-Alba Dihaoine.

Leis an ainm ‘Reversible’, thèid an taisbeanadh a shealltainn ann an caochladh àiteachan air feadh an togalaich.

Seallaibh air feadhainn de na dealbhan

Bheir tursan sònraichte an-asgaidh an cothrom don phoball sealltainn air an obair-ealain air a suidheachadh ann an ailtireachd an togalaich aig Taigh an Ròid.

Thug a h-uile h-aon den 12 neach-taisbeanaidh ceum a-mach à Sgoil Ealain Ghlaschu no Colaiste Ealain Dhùn Èideann.

Chaidh an taisbeanadh a chur ri chèile le Consalachd na Seapaine agus an dà sgoil-ealain agus Pàrlamaid na h-Alba. Is e seo a’ chiad turas a thathar air an t-saothair a shealltainn.

Tha cothrom air an taisbeanadh làn ri fhaotainn dìreach tro na tursan sònraichte. Bidh na tursan air an obair-ealain agus air an togalach a’ dol aig 12.30f agus 2.30f Dimàirt 24 Giblean agus Dimàirt 1 Cèitean.

Tha 20 àite air gach turas. Faodar ticeadan a chur air dòigh le bhith a’ cur fios gu Seirbheisean Luchd-tadhail aig Pàrlamaid na h-Alba air:

Fòn: 0131 348 5200

Fòn-teacsa: 0845 270 0152

Post-dealain: sp.bookings@scottish.parliament.uk

 

Taisbeanaidhean san àm ri teachd: Bidh taisbeanadh an asgaidh aig Taigh an Ròid bho 21 Sultain gu 18 Samhain, a’ sealltainn nam prìomh sgrìobhainnean a lean gu aonadh Alba agus Shasainn ann an 1707.  Bidh “A’ Dèanamh Achd an Aonaidh 1707” a’ sgrùdadh nan tachartasan a lean gu aonadh Alba agus Shasainn agus na thachair às dèidh sin.

Bheir an taisbeanadh seo cothrom air leth gus coimhead air na lethbhreacan Albannach agus Sasannach den cho-cheangal, agus iad air an toirt còmhla airson a’ chiad uair bhon a chaidh ainm a chur riutha bho chionn 300 bliadhna. Faic tuilleadh fiosrachaidh san fhios naidheachd.

 

A’ tadhal air Pàrlamaid na h-Alba

Rè an turais agad chun an taisbeanaidh faodaidh tu cuideachd barrachd fhaighinn a-mach mu Phàrlamaid na h-Alba agus an obair aice, a dhol air chuairt (air làithean nuair nach eil gnothaich a’ dol air adhart), no tadhail air bùth na Pàrlamaid agus an taigh-bidhe.

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuir fios thugainn aig:

Post-d: sp.bookings@scottish.parliament.uk.

Fòn 0131 348 5200. Faodaidh luchd-cleachdaidh fòn-teacsa fios a chur thugainn air 0845 270 0152. Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air gairmean a’ cleachdadh na seirbheis RNID Typetalk.  Facs: 0131 348 5601.

Seòladh: Seirbheisean Luchd-tadhail, Pàrlamaid na h-Alba, Dùn Èideann EH99 1SP.

Taisbeanadh air còraichean bhòtaidh bhoireannach

Bha taisbeanadh aig Pàrlamaid na h-Alba ann an Dùn Èideann bho 15 Dùbhlachd 2006 – 9 Màrt 2007 a bha a’ coimhead air an iomairt ann an Alba gus còraichean bhòtaidh fhaotainn do bhoireannaich.

Bha "Mura h-urrainn dhomh bhòtadh, chan eil pàirt agam" a’ coimhead air mar a fhuair boireannaich ann an Alba taic airson na h-iomairt aca gus bhòtadh, agus a’ mhoit a bha iad a’ faireachdainn nuair a chaidh an lagh atharrachadh.

A bharrachd air stuthan tasglainn tearc, sgrìobhainnean agus stuthan a fhuaireadh bho Thaighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba agus Tasglannan Nàiseanta na h-Alba, bha an taisbeanadh cuideachd a’ gabhail a-steach agallamhan-bhidio bhon latha an-diugh agus thar-taghadh de BhPAan a’ bruidhinn mu chòraichean bhoireannach.

Tha an t-Oifigear-riaghlaidh Seòras Reid air a shealltainn a’ coimhead air an taisbeanadh.Presiding Officer George Reid views the exhibition Coimhead air dealbhannan-camara den taisbeanadh agus de dh’obair-ealain a’ comharrachadh na tha boireannaich air a dhèanamh gus deamocrasaidh a thoirt air adhart.

 Coimhead air bhidio de Sheòras Reid a’ bruidhinn mu dheidhinn an taisbeanaidh “Mura h-urrainn dhomh bhòtadh, chan eil pàirt agam”:


Mac Users
| Windows (IE) Users | Windows (Other Browsers)

 

Leugh barrachd mun tachartas san fhios naidheachd.

Bileag taisbeanaidh (173KB pdf)

Ceanglaichean Eadar-lìn feumail

Chithear tuilleadh fiosrachaidh mu shusbaint an taisbeanaidh bho Thaighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba aig: www.nas.gov.uk/about/061211.asp

Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba: www.nms.ac.uk

A’ tadhal air Pàrlamaid na h-Alba

Fhad is a tha sibh a’ tadhal air an taisbeanadh, faodaidh sibh barrachd fhaighinn a-mach cuideachd mu Phàrlamaid na h-Alba agus an obair a bhios i ris, dol air turas (nuair nach bi gnothach a’ dol), no tadhal air bùth na Pàrlamaid is air an ionad-bhidhe.

Gus barrachd fiosrachaidh nach cuir sibh post-dealain thugainn aig : gaidhlig@scottish.parliament.uk.

Fòn 0131 348 5200. Faodaidh luchd-cleachdaidh Textphone fios a chur thugainn air 0845 270 0152. Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air fònaichean RNID Typetalk service. Fax: 0131 348 5601.

Seòladh: Seirbheisean Luchd-tadhail, Pàrlamaid na h-Alba, Dùn Èideann EH99 1SP.

Is iad seo uairean-fosglaidh na Pàrlamaid:

Làithean-gnothaich (Dimàirt gu Diardaoin, mar as trice)

Fad na bliadhna 09.00 gu 19.00

Làithean nuair nach bi gnothach a’ dol (mar as trice Diluain agus Dihaoine agus gach latha den t-seachdain nuair a bhios a’ Phàrlamaid na fosadh.

  • Samhain gu Màrt 10.00 gu 16.00
  • Giblean go Dàmhair 10.00 gu 18.00

Làithean tron t-seachdain agus làithean-fèille poblach: Fad na bliadhna 10.00 gu 16.00

Thoiribh fa-near gum bi a’ Phàrlamaid dùinte 23- 27 Dùbhlachd 2006, agus 1 – agus 30 Faoilleach 2007.

Is ann aig 45 mionaidean ro àm-dùnaidh a leigear a-steach an fheadhainn mu dheireadh.