Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Co-chomhairlean

Rannsachaidhean agus Co-chomhairlean

Air an duilleig seo gheibh thu a-mach mu co-chomhairlean agus mu rannsachaidhean na Pàrlamaid.

Gheibhear fiosrachadh mu obraichean co-chomhairlean Riaghaltas na h-Alba air làrach-lìn an Riaghaltais (Beurla).

 

 

 

Co-chomhairlean

Comataidh a’ Cheartais – Tha a’ Chomataidh a’ sireadh fianais sgrìobhte air bun-phrionnsabalan Bile Eucoirean Feise (Alba).

Ceann-latha mu dheireadh airson fianais: 12 Sultain 2008

 

Comataidh nan Athchuingean Poblach - Tha a' Chomataidh a' sireadh bheachdan mar phàirt de a rannsachadh air pròiseas nan athchuingean pobalach.

Ceann-latha mu dheireadh airson fianais: 26 Sultain 2008

Comataidh Còmhdhail, Bun-structair agus Atharrachadh Clìomaid- Tha a' chomataidh a' dèanamh rannsachadh air na buannachdan a dh'fhaodadh a bhith an lùibh seirbheisean rèile aig astar luath.

Ceann-latha mu dheireadh airson fianais: 18 Damhair 2008

 

Comataidh a' Cheartais - Tha a' Chomataidh a' sireadh bheachdan air bun-phrionnsabalan Bile Eucoirean (Tromachadh le claon-bhreith) (Alba) . Gheibhear barrachd fiosrachaidh agus gairm fianais air duilleagan a' bhile.

Ceann-latha mu dheireadh airson fianais: 18 Samhain 2008

Comataidh Co-ionnanachd Chothroman – Chaidh a’ Chomataidh ainmeachadh mar an darna comataidh aig Ìre 1 de Bile Eucoirean (Tromachadh le claon-bhreith) (Alba) agus tha i a’ sireadh fianais sgrìobhte mun Bhile. Gheibhear barrachd fiosrachaidh aig:

 

Thathar a' cur fàilte air fianais anns a' Ghàidhlig

Poileasaidh mu làimhseachadh fianais sgrìobhte le comataidhean èigneachail agus comataidhean cuspair