Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Dòmhnall Mac an Deòir

Rugadh Dòmhnall Mac an Deòir ann an 1937 ann an Glaschu agus fhuair e oideachadh ann an Acadamaidh Ghlaschu agus aig Oilthigh Ghlaschu.

Mus deach e a-steach don a’ Phàrlamaid, bha e ag obair mar fhear-lagha ann an Glaschu.

Chaidh a thaghadh mar Bhall Pàrlamaid ann an 1966 an toiseach agus bha caochladh dhleastanasan aige ann an Caibineat nan Dùbhlanach eadar 1984 agus 1997. An dèidh dhan Phàrtaidh Làbarach an taghadh coitcheann a bhuannachadh anns a’ Chèitean 1997, chaidh a chur an dreuchd mar Rùnaire Stàite na h-Alba, dreuchd a chùm e gu ruige an Cèitean 1999. Còmhla ri ceannardan SNP agus Libearalaich Dheamocratach na h-Alba, rinn e obair-choiteachaidh airson bhòt “Tha-Tha” anns an referendum mu sgaoileadh-cumhachd, a chaidh a chumail anns an t-Sultain 1997 agus bha e an ceann ghnothaichean nuair a chaidh Bile na h-Alba tro Thaigh nan Cumantan ann an 1998.

Aig taghadh Pàrlamaid na h-Alba air 6 an Cèitean 1999, chaidh Dòmhnall Mac an Deòir a thaghadh mar BhPA airson roinn-phàrlamaid Ghlaschu Anniesland le 16,749 bhòt, mòr-chuid de 10,993. Seachdain an dèidh sin, aig a coinneimh air 13 an Cèitean 1999, thagh Pàrlamaid na h-Alba mar Phrìomh Mhinistear na h-Alba e, le 71 bhòt. An latha na dhèidh a-rithist, chuir e ainm ri “Com-pàirteachadh airson na h-Alba”, rud a stèidhich riaghaltas co-bhoinn eadar am Pàrtaidh Làbarach agus na Libearalaich Dheamocratach agus chaidh a chuid ainmeachaidhean airson Ministearan agus Fo-mhinistearan aontachadh leis a’ Phàrlamaid air 19 an Cèitean 1999.

Dòmhnall Mac an Deòir le lethbhreac fhèin de dh’Achd na h-Alba le dùrachdan na bhroinn bhon a’ Phrìomhaire Tony Blair

Air 1 an t-Iuchar 1999, aig Latha-fosglaidh Pàrlamaid na h-Alba, labhair Dòmhnall Mac an Deòir às leth muinntir na h-Alba, a’ toirt taing dhan a’ Bhànrigh airson an Cuaille-suaicheantas a bhuileachadh air a’ Phàrlamaid.

Shuas Ceann an Lorg-shuaicheantais air a bheil na faclan air an gràbhaladh ‘Gliocas. Ceartas. Iochd. Ionracas.

Sa Ghiblean 2000, fhuaras a-mach gun robh tinneas-cridhe a’ cur air Dòmhnall Mac an Deòir agus, anns a’ Chèitean, chaidh e fon sgithinn gus còmhla cridhe ùr a thoirt dha. Chaochail e mar thoradh air ruith-fala eanchainn air 11 Dàmhair 2000 ann an Ospadal Coitcheann an Taobh an Iar ann an Dùn Èideann. Chaidh coinneamh shònraichte de Phàrlamaid na h-Alba a chumail air 13 an Dàmhair far an deach gluasad co-bhròin aontachadh.

Chaidh seirbheis an tòrraidh aige a chumail ann an Cathair-eaglais Ghlaschu air 18 an Dàmhair 2000.


An dèidh bàs Dhòmhnaill Mhic an Deòir, thairg a chlann, Marion agus Iain, a chuid leabhraichean agus cuimhneachain phoileataigeach agus phearsanta do Phàrlamaid na h-Alba. Bha a’ Phàrlamaid ro dheònach gabhail ris an tairgse agus tha "Cruinneachadh Mhic an Deòir" air a ghleidheadh an-dràsta ann am Prìomh Oifis na Pàrlamaid fo riaghladh Ionad-fiosrachaidh Pàrlamaid na h-Alba (SPICe).

 Dòmhnall Mac an Deòir, fear-poileataics agus fear-leabhraichean – Mar chuimhneachan air ciad Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Dòmhnall Mac an Deòir nach maireann. Tha e a’ toirt leis an òraid bhrìoghmhor a thug am Prìomh Mhinistear aig an àm seachad aig fosgladh Pàrlamaid na h-Alba air 1 an t-Iuchar 1999. Chaidh am fiolm a dhèanamh ann an co-bhann ri Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Bho òraid Dhòmhnaill Mhic an Deòir aig fosgladh Pàrlamaid na h-Alba air 1 an t-Iuchar 1999

"Tha an lorg-suaicheantais seo mar shamhla air an dualchas mhòr dheamocratach às am faigh sinn ar n-aigne agus ar brìgh.

Na cheann tha na faclan seo leis a bheil an reachdas-stèidheachaidh againn a’ tòiseachadh air an gràbhaladh:

'Bidh Pàrlamaid Albannach ann'

Rè nam bliadhnaichean mòra, bha na faclan seo nan dòchas an toiseach, an uair sin nan creideamh, an uair sin nan geall. A-nis tha iad ann am bith.

Is e àm eachdraidheil a tha seo gun teagamh sam bith.

An-diugh, tha sinn a’ toirt sùil nar dèidh air an t-strì fhada a thug sinn gus a’ Phàrlamaid seo fhaighinn, tro na h-oidhirpean a rinn an fheadhainn a thug an deamocrasaidh a dh’Alba, dhan Phàrlamaid eile air an deach crìoch chonnspaideach a chur faisg air trì ceud bliadhna air ais.

An-diugh, tha sinn a’ toirt sùil air adhart dhan àm a bhios an-diugh ga mheas mar an t-àm a thàinig tionndadh air gnothaichean; an latha a thàinig an deamocrasaidh air ais a dh’Alba nuair a chuir sinn beothachd às ùr ris an àite a th’ againn san Rìoghachd Aonaichte seo againn.

Tha barrachd na ar poileataics agus ar laghan an lùib seo. Tha seo mu dheidhinn cò sinn, agus mar a bhios sinn gar giùlan fhèin. Ann an sàmhchair an latha an-diugh, dh’fhaoidte gun cluinn sinn mac-talla no dhà bhon àm a dh’fhalbh:

Iolach an fhir-thàthaidh ann an gleadhraich nan gàrraidhean mòra bhàtaichean air Abhainn Chluaidh;

Cainnt na Maoirne agus a h-anam san fhearann; Deasbadan an t-Soillseachaidh nuair a bha Dùn Èideann agus Glaschu nan lòchran anns an saoghal innteachail san Roinn Eòrpach.

Iolach mòr nam Pìob

Agus air ais do na glaodhan o chionn fhada ann an cogaidhean Bhrùis agus Ualais

Buinidh an t-àm a dh’aom dhuinn. Ach an-diugh tha guth ùr san tìr, guth Pàrlamaid deamocrataich. Guth gus cruth a chur air Alba, guth dhan ùine a tha romhainn.

Thuirt Walter Scott gur h-e dìreach fear gun anam aig nach biodh bàidh ri tìr a dhùtchais. Dhomhsa, do dh’ Albannach sam bith, is e latha pròiseil a th’ ann an-diugh; ceum ùr air an turas a thòisicheadh o chionn fhada agus air nach tig crìoch. Is e latha mòr dhan a h-uile duine againn a th’ ann.

Pàrlamaid Albannach. Chan ann mar cheann-uidhe: mar inneal gus cinn-uidhe eile a thoirt gu buil. Agus buinidh iadsan dhan lorg-shuaicheantais cuideachd. Fìghte nan cuid chluaran samhlaidheach tha na ceithir faclan a leanas:

'Gliocas. Ceartas. Iochd. Ionracas.'

Bha Burns air sin a thuigsinn. Chuala sinn an-dràsta – is e air a sheinn gu h-àlainn – fear de na h-òrain as buaine a rinn e riamh. Aig cridhe an duain ud tha feallsanachd gu math Albannach: gu bheil ionracas agus urram sìmplidh nam buaidhean prìseil, nach fhaighear mar thoradh air breith no air sochair ach a tha mar phàirt den anam.

Chreid Burns gun toireadh seagh agus fiach a’ bhuaidh a-mach air a’ cheann thall. Chreid e gun robh sin aig cridhe poileataics; agus às an aonais, nach biodh an obair againn ach suarach.

'Gliocas. Ceartas. Iochd. Ionracas. Luachan nach tèid bàs a-chaoidh. Dòchas urramach dhan fhòram dheamocratach seo, a chaidh a bhreith agus linn ùr dìreach air fàire.

Chan eil sinn gun mheang. Bidh sinn a’ dèanamh mhearachdan. Ach cumaidh sinn cuimhne gu sìorraidh air na dh’fhàg an seo sinn: an t-strì gus an rud ceart a dhèanamh airson muinntir na h-Alba; spèis a ghabhail do na tha iad ag iarraidh; an crann aca a dhèanamh nas fheàrr agus cur ri maitheas a’ chumantais.

Tha togail agam ris na làithean a tha air thoiseach nuair a bhios deasbadan, coiteachadh agus brìoghmhorachd a’ dol nan seirm san t-Seòmar seo. Nuair a bhios fir agus mnathan na h-Alba a’ coinneachadh a dh’obair còmhla gus saoghal a thogail san ùine romhainn a tha stèidhichte air na bun phrionnsabalan mu cheartas sòisealta.”