Tadhail, Ionnsaich, Eadar-obraich
Fàilte!
Anns an duilleag seo, is urrainn dhuibh fiosrachadh fhaighinn mu sheirbheis na Gàidhlig , mu thighinn gu Taigh an Roid, coinneamh no comataidh pàrlamaideach fhaicinn no gus an togalach sgoinneil ùr againn fhaicinn. Gheibh a-mach mu thursan treòraichte agus mu na goireasan eile a th' againn leithid ar café phoblach, crèche, bùth agus seirbheisean do dhaoine air a bheil ciorram.
Faicibh ar bileagan fiosrachaidh le fiosrachadh mun togalach ùr, an dà chuid air an taobh a-muigh agus air an taobh a-staigh.
Anns na duilleagan foghlaim againn, is urrainn dhuibh a choimhead air ar geamaichean agus air goireasan foghlaim airson òigridh agus luchd-teagaisg. Tha fiosrachadh ann cuideachd mu ar program de thursan sgoile agus de sheamanaran do luchd-teagaisg.
An robh fhios agaibh gur urrainn dhuibh barrachd fhaighinn a-mach mun Phàrlamaid tron leabharlann ionadail agaibh?
Ma tha thu airson pàirt a ghabhail anns a' Phàrlamaid, faicibh ar bileag A' Togail do Ghuth no gabhail pàirt anns na Fòraman Deasbaid agus co-chomhairlean againn.
Ma tha sibh airson tiodhlacan pàrlamaideach no leabhraichean pàrlamaid a cheannach, faicibh ar bùth air-loidhne
Ma tha sibh ag iarraidh fiosrachadh ann an cànainean seach Gàidhlig, faicibh na duilleagan-dachaidh airson: English
|