Do Leabharlann Chom-pàirtiche
A’ sgaoileadh obair na Pàrlamaid do choimhearsnachdan ionadail: Lìonra nan Leabharlannan Com-pàirtiche
“Tha Pàrlamaid na h-Alba a’ cur roimpe a bhith so-ruigsinneach agus a’ gabhail pàirt aig ìre na coimhearsnachd air feadh na h-Alba. Bho 1999 a-mach, tha Lìonra nan Leabharlann Com-pàirtiche air a bhith air tè de na dòighean as soilleire airson seo a choilionadh. Ann a bhith a’ toirt seachad cothrom don mhòr-shluagh an naidheachd phàrlamaideach is fiosrachadh as ùire fhaighinn, tha na h-ochd leabharlannan poblach seo a’ dèanamh obair chudthromach gus dèanamh cinnteach gum bi làn-fhiosrachadh aig na coimhearsnachdan ionadail: sin fiosrachadh mu na Bhuill Pàrlamaid na h-Alba a tha aca, mun Phàrlamaid agus mu na gnothaichean is na co-dhùnaidhean aice.”
Mar roinn taobh a-staigh Sgioba Foghlaim agus Coimhearsnachd na Pàrlamaid, tha na Leabharlannan Com-pàirtiche air an dreuchd aca a leudachadh, a’ solarachadh chothroman agus thachartasan so-ruigsinneachd. Mar is trice, is e Buill Pàrlamaid na h-Alba a’ coinneachadh ri daoine fa leth no buidhnean coimhearsnachd an dòigh a bhios aca. Tha mi toilichte gum bi cuid de na BPA a’ cumail fhreastal-lannan ann an Leabharlannan Com-pàirteach. Chaidh iarraidh air a h-uile Ball a bhith cleachdadh Lìonra nan Leabharlannan Com-pàirtiche mar ghoireas co-chonaltraidh ri luchd-taghaidh agus airson na Pàrlamaid a thoirt gu aire luchd-còmhnaidh na h-Alba.”
Rt Hon Seòras Reid An t-Oifigear-riaghlaidh
Ag obair ann an dlùth cheangal ris roinn nan leabharlannan poblach, tha Pàrlamaid na h-Alba air lìonra de 80 Leabharlannan Com-pàirtiche a stèidheachadh air feadh na h-Alba - tè anns gach roinn-phàrlamaid, agus seachd eile, a' mhòr-chuid aca sin air a' Ghàidhealtachd, gus fa-near a thoirt air na duilgheadasan sgìreil agus còmhdhail àraid a tha a' bualadh air luchd-taghaidh ann an sgìrean dùthchail.
Tha Leabharlannan Com-pàirtiche mar fhòcas ann an coimhearsnachdan ionadail airson fiosrachaidh an dà chuid, on Phàrlamaid agus mu dheidhinn na Pàrlamaid. Bidh iad a' dèanamh cinnteach gu bheil fiosrachadh ceart, ùghdarrasail agus ùr aig a' phoball mu Bhuill na Pàrlamaid, mun Phàrlamaid, mu ghnothaichean na Pàrlamaid agus mu a co-dhùnaidhean. Is e lìonra nan Leabharlann Com-pàirtiche tè de na dòighean as follaisiche anns a bheil a' Phàrlamaid a' cumail ri a gealladh a bhith fosgailte, so-ruigsinneach, cunntachail agus com-pàirteachail.
Ann a bhith ag obair gu dlùth le Seirbheis Fiosrachaidh a' Phobaill agus Sgioba an Fhoghlaim agus Seirbheisean So-ruigsinn Pàrlamaid na h-Alba, faodar dèiligeadh ri iomadh iarrtas tro Leabharlannan Com-pàirtiche.
Gheibhear fiosrachadh tro fhoillseachaidhean clò-bhuailte agus air ar làraich-lìn. Tha a' mhòr-chuid de Leabharlannan Com-pàirtiche a' tabhann ceangal an asgaidh gu làraich-lìn Pàrlamaid na h-Alba tro choimpiutairean phoblach.
Leabharlannan Com-pàirtiche a Bharrachd
Bidh Lìonra nan Leabharlann Com-pàirtiche ag feuchainn a dhèanamh cinnteach gu bheil an aon chothrom air fiosrachadh cho rèidh ’s a ghabhas air feadh na h-Alba. A bharrachd air, Leabharlann Com-pàirtiche anns gach roinn-taghaidh pàrlamaidich, tha inbhe Leabharlann Com-pàirtiche aig seachd Leabharlannan Poblach eile ann an Alba. Tha a’ mhòr-chuid aca sin leabharlannan Com-pàirte ann am – Port Rìgh, Ann An Dòrnaidh, ann an Ulapul, anns an Oban agus anns an t-Seann Meall-druim – stèidhichte ann an sgìrean dùthchail iomallach.
Tha duilgheadasan a thaobh astar, suidheachadh cruinn-eòlais agus còmhdhail dùthchail ag adhbharachadh gu bheil luchd-còmhnaidh anns na coimhearsnachdan seo gu ìre mhòr sgaraichte bho chothrom air fiosrachadh gu toileach do dh’fhiosrachadh oifigeil phàrlamaideach. Airson an adhbhair seo, stèidhich a’ Phàrlamaid Leabharlannan Com-pàirteach anns na coimhearsnachdan seo gus dèanamh cinnteach nach tèid na daoine seo a dhùnadh a-mach bho na goireasan agus na seirbheisean a bhios rim faighinn bho Lìonra nan Leabharlannan Com-pàirtiche.
Roinnean:
Alba a Deas
Alba an Iar
Alba Mheadhanach
Ear-thuath na h-Alba
A' Ghaidhealtachd is na h-Eileanan
Glaschu
Lodainn
Meadhan-Alba is Fìobha
Leabharlannan Co-cheangailte
|