Bùth Taigh an Ròid
Tha Pàrlamaid na h-Alba a’ dèanamh ath-bhreithneachadh air a’ bhùth air-loidhne aca. Tha am fiosrachadh a leanas ag innse na tha ri cheannach bho bhùth thiodhlacan na Pàrlamaid ann am Prìomh Thalla na Pàrlamaid aig Taigh an Ròid.
Bidh bùth Pàrlamaid na h-Alba a’ reic bathar traidiseanta sònraichte leithid glainne, criostal, obair-chreadha agus dèideagan. Gheibh sibh biadh agus mìlseagan Albannach cuideachd leithid taibleat agus fuidse, cèic Dhùn Deagh no cèic Uisge-beatha, aran-coirce agus aran-goirid. Cuideachd, tha sàr chruinneachadh againn de fhìon agus uisge-beatha, a’ gabhail a-steach Uisge-beatha Bracha nam Ball 15-bliadhna againn à Srath Spè.
Bidh sinn cuideachd a’ reic caochladh leabhraichean, gu h-àraidh feadhainn mu dheidhinn poileataigs agus Alba, agus cuideachd leabhraichean cloinne le ùghdaran Albannach air a bheil fèill mhòr.
Tha grunn leabhraichean ann mu Phàrlamaid na h-Alba agus Taigh an Ròid agus cruinneachadh chairtean-puist ailtireachd ale grunn sheallaidhean de thogalach na Pàrlamaid orra.
Tha a h-uile tiodhlaic a reiceas sinn sònraichte do Pàrlamaid na h-Alba agus togalach Taigh an Ròid.
Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu bùth Pàrlamaid na h-Alba:
Fòn (guth): 0131 348 6350
Faodaidh luchd-cleachdaidh fòn-teacsa fòn a chur gu àireamh fòn sam bith aig Pàrlamaid na h-Alba a’ cleachdadh RNID Typetalk service.
Fòn-teacsa: 0845 270 0152 (prìs ionadail)
Faca: 0131 348 5601
Post-d: shop@scottish.parliament.uk
Seòladh: Pàrlamaid na h-Alba, Dùn Èideann, EH99 1SP
Uairean fosglaidh:
Làithean gnothaich (mar as tric Dimàirt - Diardaoin)
- Fad na bliadhna 09.00 gu 17.30
Làithean neo-ghnothaich (mar as tric Diluain agus Dihaoine agus a h-uile latha seachdaineil nuair a tha a’ Phàrlamaid am fosadh)
- Giblean gu Dàmhair 10.00 gu 17.30
- Samhain gu Màrt 10.00 gu 16.00
Cinn seachdain agus làithean saora poblach
- Fad na bliadhna 10.00 gu 16.00
|
|