Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Creche
 

Crèche

Nighean ann an creche na Pàrlamaid

Is e an crèche poblach ann an Taigh an Ròid an t-aon ghoireas den leithid anns an Roinn Eòrpa agus tha Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba den bheachd gu bheil e na phàirt chudromach den t-slighe a dh' ionnsaigh Pàrlamaid a tha fosgailte agus so-ruigsinneach.

Is e prìomh amas a' chrèche a bhith a' toirt seachad cùram cloinne do dhaoine a tha a' tadhal air a' Phàrlamaid ann an Dùn Èideann.

Mar phàrlamaid a tha airson a bhith cuideachail do theaghlaichean, tha an creche ann airson daoine a tha ag iarraidh cùram cloinne nuair a bhios iad:

  • a' coimhead air ar taisbeanadh
  • a' dol air turas treòraichte den Phàrlamaid
  • a' gabhail srubag ann an cafe na Pàrlamaid
  • ann am bùth na Pàrlamaid
  • a' coinneachadh ri BPA no le luchd-obrach na Pàrlamaid
  • a' gabhail pàirt ann an gnothaichean pàrlamaideach
  • a' coimhead air gnothaichean pàrlamaideach anns an t-seòmar no ann an comataidhean
  • a' frithealadh tachartas pàrlamaideach


Tha an crèche fosgailte do chloinn eadar 6 seachdainean is 5 bliadhna a dh' aois, le rùm ann airson suas ri deichnear cloinne aig an aon àm. Tha e fosgailte bho 8m gu 6f Diluain-Dihaoine. Tha e saor is an asgaidh don pobal agus faodar a chleachdadh airson suas ri 4 uairean gach turas. Faodar àite a chur air dòigh ro laimh no faodaidh sibh a thighinn a-steach air an latha fhèin (ma bhios rùm ann).

Tha an creche air a ruith as leth na Parlamaid le Kelly Care Ltd. Airson barrachd fiosrachaidh mu bhith a' cleachdadh a' chreche, cuir fios thugainn air 0131 348 6192 no kirtonholme@scottish.parliament.uk

Barrachd fiosrachaidh

Paiste ann an creche na Pàrlamaid Tha a’ Phàrlamaid air a bhith a’ ruith pìolat bhon Ghiblean 2006 airson luchd-ceuda (passholders) a tha a’ toirt cothrom don fheadhainn a tha ag obair anns an togalach an crèche a chleachdadh. Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaighinn san fhios naidheachd seo. Paiste ann an creche na Pàrlamaid