Select here to go directly to the document text
 
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Fiosrachadh do Luchd-tadhail air a bheil Ciorram
 

Chaidh togalach na Pàrlamaid a dhealbhadh gus am biodh slighe a-steach na bhroinn do dhaoine air a bheil ciorram a’ cur.

Do luchd-tadhail a chleachdas cathraichean-cuibhleach no air a bheil ciorram a thaobh gluasaid, tha na leanas aig Pàrlamaid na h-Alba:

  • Slighe a-steach chòmhnard dhan a h-uile h-àrainn den togalach ùr
  • Àrdaichearan (lioftaichean) a tha dìonach bho theine bho ghailearaidh an luchd-tadhail a dhearbhadh gum faodar luchd-tadhail a leigeil a-mach gu luath agus gu sàbhailte ma bhios feum air
  • Àite glèidhte ann an gailearaidh poblach an t-Seòmair-dheasbaid do luchd-cleachdaidh chathraichean-cuibhleach
  • Seirbheis iasad chathraichean-cuibhleach saor an-asgaidh do dhaoine fhad agus a tha iad a’ tadhal air togalach na Pàrlamaid
  • Goireasan ionnlaid so-ruigsinn air feadh an togalaich, a’ gabhail a-steach cuid de ghoireasan mòra anns a bheil àite airson luchd-cuideachaidh agus suidheachadh-seinnsidh (changing bench), agus
  • Bratan-ùrlair boga mar ghoireas do luchd-cleachdaidh chathraichean-cuibhleach

Do Luchd-tadhail a tha Bodhar, bodharaichte no mall sa chlaisneachd no bodhar agus dall, tha na leanas aig Pàrlamaid na h-Alba:

  • Siostam lùb fuaimreachaidh (induction loop) agus os-dhearg (infra red) anns a h-uile h-àrainn-obrach den Phàrlamaid
  • A h-àireamh fòn-teacsa fhèin (0845 270 0152)
  • A’ cur fàilte air fònaichean a chleachdas seirbheis RNID Typetalk bho luchd-cleachdaidh fhònaichean-teacsa do ghin sam bith de dh’àireamhan fòn-gutha na Pàrlamaid
  • Fiosrachadh mun Phàrlamaid ann an Cànain Soidhnidh Bhreatainn (BSL) air bhideo (faodar lethbhric iarraidh air neo sealltainn orra air an làraich-lìn againn)
  • Faodar gnothaichean eadar-mhìneachadh gu Cànain Soidhnidh Bhreatainn ma tha an t-seirbheis seo a dhìth air duine sam bith ach an tuig iad na tha tachairt aig coinneamh comataidh no aig coinneamh Pàrlamaid, fhad agus a dh’iarras an duine an t-seirbheis seo ann an ùine gu leòr ro l àimh
  • Faodar cruthan eile de thaic conaltraidh (m.e luchd-aithris labhairt-gu-teacs, labhradair-bhilean agus a leithid) a thoirt seachad ma dh’iarras duine sam bith an t-seirbheis seo ach an tuig iad na tha tachairt aig coinneamh comataidh no aig coinneamh Pàrlamaid fhad agus a dh’iarras an duine an t-seirbheis seo ann an ùine gu leòr ro làimh.

Do luchd-tadhail a tha dall no a tha mall san fhradharc, tha na leanas aig Pàrlamaid na h-Alba:

  • Sanasan soilleir air feadh togalach na Pàrlamaid, anns a bheil stiùireadh ann am Braille
  • Farsaingeachd de stuth-fiosrachaidh ann an cruthan Braille agus chèiseagan-claisneachd
  • Thathar air dathan iomchaidh a thaghadh airson dealbhadh an togalaich na bhroinn mar chuideachadh do luchd-cleachdaidh an togalaich a tha mall san fhradharc
  • Thathar air clàr-beantainn den togalach a chur ri chèile, anns a bheil Braille, san àrainn-thaisbeanaidh phoblaich.

Tha a’ Phàrlamaid a’ cur fàilte air luchd-tadhail le coin-stiùiridh no le coin-chuideachaidh eile.

An-dràsta, tha a’ Phàrlamaid a’ cur ri chèile tomhas de dh’ fhoillseachaidhean a tha soirbh an tuigsinn mun togalach agus mun dòigh sam bi a’ Phàrlamaid ag obair. Bu chòir gum biodh na foillseachaidhean seo nan cuideachadh gu sònraichte do mhòran dhaoine air a bheil ciorram a’ cur a thaobh foghlaim, a bharrachd air daoine eile a tha ag iarraidh an fhiosrachaidh seo.

Tha sinn ag iarraidh gum faod a h-uile duine tadhal air Pàrlamaid na h-Alba. Ma tha feumalachdan sònraichte agaibh, nach leig sibh fios thugainn. Bhiodh e na chuideachadh mòr nam b’ urrainn dhuibh fios a chur thugainn fada ro làimh a dhearbhadh gu bheil ùine gu leòr againn na rudan a tha dhìth a chur air dòigh.

Cuiribh fios gu:

Fòn (Gàidhlig): 0131 348 5401

Fòn (Beurla): 0131 348 5000 no 0845 278 1999 (ìre ionadail)

Tha luchd-cleachdaidh fhònaichean-teacsa dì-bheathte cuideachd fios a chur gu àireamhan fòn sam bith aig Pàrlamaid na h-Alba le bhith a’ cleachdadh seirbheis RNID Typetalk.

Facs: 0131 348 5601
Post-dealain:gaidhlig@scottish.parliament.uk
Seòladh: Seirbheis na Gàidhlig, Pàrlamaid na h-Alba, Dùn Èideann , EH99 1SP