Tiocaidean airson Gailearaidh a’ Phobaill
An Seòmar-deasbaid
Gheibhear làn fhiosrachadh air gnothaichean làthaireil agus ri teachd anns an Iris Ghnothaichean.
Cuiribh fios gu Seirbheisean Luchd-tadhail air 0131 348 5200 no sp.bookings@scottish.parliament.uk airson fiosrachadh mu thiocaidean.
Fiosrachadh air tighinn a dh’fhaicinn gnothaichean Pàrlamaideach
Ma tha sibh airson coinneamh den Phàrlamaid fhaicinn bho ghailearaidh poblach an t-Seòmair Deasbaid, bu chòir dhuibh tiocaidean a chlàradh ro làimh.
Innsibh dhuinn ma tha feumalachdan inntrigidh agaibh nuair a chlàraicheas sibh.
Is àbhaist do choinneamhan Seòmair a chumail air feasgar Diciadain, madainn Diardaoin agus feasgar Diardaoin.
Tha gach tiocaid ga chlàradh a rèir slotaichean ùine. Thèid faighneachd dhuibh dè an am a b’fheàrr leibh nuair a chlàraicheas sibh. Is e na h-amannan:
| |
Slot 1 |
Slot 2 |
Feasgar Diciadain |
14.15 to 16.00 |
16.00 air adhart |
Madainn Diardaoin |
09.15 gu 11.00 |
11.00 gu 12.30 |
Feasgar Diardaoin |
14.15 gu 16.00 |
16.00 air adhart |
Tha fèill mhòr air tiocaidean an-dràsta. Faodaidh sibh tighinn air an latha fhèin a dh’fhaicinn a bheil tiocaidean rim faighinn. Chan ann tric a bhios tiocaidean air fhàgail air an latha airson an slot nuair a tha Àm-Cheistean a' Phrìomh-mhinisteir a’ tachairt (mar as tric bidh seo ann aig 12.00 Diardaoin).
A’ clàradh tiocaid
Faodaidh muinntir a’ phobaill tiocaidean a chlàradh tro Sheirbheisean Luchd-tadhail. Tha an dòigh clàraidh ag atharrachadh a rèir cò mheud duine a tha ag iarraidh a thighinn.
Thoiribh fa-near ma dh’fhàgas sibh tiocaidean gun togail nas fhaide na 30 minutes as dèidh toiseach an slot gum faodar an toirt gu cuideigin eile.
Tiocaidean fa leth
Faodar tiocaidean airson 1 gu 5 neach a chlàradh suas gu 7 làithean ron choinneimh.
Iarraidh sinn ainm gach neach a tha a’ tighinn.
Tiocaidean buidhne
Faodar turas buidhne airson 6 gu 25 neach a chur air dòigh. Faodar na tiocaidean seo a chlàradh nas fhaide ro làimh.
Clàradh airson Tiocaidean Buidhne:
Tha sinn a’ gabhail clàraidhean buidhne an-dràsta airson na h-ùine suas gu, agus a’ gabhail a-steach, 31 Màrt.
Ma tha sibh a’ cur turas buidhne air dòigh, thoiribh fa-near:
- chan fhaigh sibh air barrachd air 25 tiocaid a chlàradh. Iarraibh fiosrachadh air ciamar a dhèiligear ri buidhnean nas motha, me le bhith ga ghabhail uair ma seach a’ cleachdadh thiocaidean airson a’ ghailearaidh.
Tha fèill mhòr air tiocaidean buidhne airson a’ Phàrlamaid fhaicinn ag obair agus bu chòir dhuibh
- clàradh cho fada ro làimh ’s as urrainn dhuibh
- a bhith deònach beachdachadh air grunn làithean agus slotaichean airson an turais nuair a chuireas sibh fios oirnn mu chlàradh
- fios a chur oirnn mu thiocaidean a chlàradh mus cuir sibh rudan eile, leithid còmhdhail, air dòigh.
Ma tha sibh a’ cur turas buidhne air dòigh agus nach eil e cudromach don bhuidhinn gum faic iad coinneamh den Phàrlamaid no coinneamh comataidh, dh’fhaodadh gum biodh latha neo-ghnothaich na b’ fheàrr dhuibh, nuair a gheibheadh sibh cuairt threòraichte den togalach.
Comataidhean
Nam bu toil leibh coinneamh comataidh fhaicinn bhon ghailearaidh phoblach ann an aon de na sia seòmraichean comataidh, bu chòir dhuibh tiocaid a chlàradh ro làimh.
Is àbhaist do na coinneamhan seo a chumail air madainn Dimàirt, feasgar Dimàirt agus madainn Diciadain. Tha tiocaid a’ seasamh fad na coinneimh.
Tha an dòigh clàraidh ag atharrachadh a rèir cò mheud duine a tha ag iarraidh a thighinn.
Faodar tiocaidean airson 1 gu 5 neach a chlàradh suas gu 7 làithean ron choinneimh. Iarraidh sinn ainm gach neach a tha a’ tighinn.
Faodar turasan buidhne airson sianar no barrachd a chlàradh nas fhaide ro làimh. Faicibh am fiosrachadh fo Sheòmar-deasbaid - tiocaidean buidhne airson tuilleadh fiosrachaidh air slot a chlàraidh ro làimh.
Ma tha sibh a’ cur turas buidhne gu coinneamh Comataidh air dòigh, thoiribh fa-near:
- nach fhaod buidheann a bhith nas motha na 25 neach
- nach gabh turas buidhne a dhèanamh ach gu Seòmraichean Comataidh 1 agus 2
- ged as urrainn dhuinn turas buidhne a chlàradh ro làimh, chan eil e coltach gum bi fios againn nas fhaisge na ceala-deug ro latha an turais/na coinneimh dè a’ Chomataidh a bhios a’ coinneachadh anns gach seòmar
Bu chòir dhuibh
- clàradh cho fada ro làimh ’s as urrainn dhuibh
- a bhith deònach beachdachadh air grunn làithean agus slot airson an turais nuair a chuireas sibh fios oirnn mu chlàradh
- fios a chur oirnn mu thiocaidean a chlàradh mus cuir sibh rudan eile, leithid còmhdhail, air dòigh.
A’ togail thiocaidean
Bidh sibh a’ togail thiocaidean air latha an turais agaibh bhon Deasg Fiosrachadh Luchd-tadhail anns a’ Phrìomh Thalla.
Thoiribh fa-near ma dh’fhàgas sibh tiocaidean gun togail nas fhaide na 30 minutes as dèidh toiseach an slot gum faodar an toirt do chuideigin eile.
Feuchaibh ri ruighinn co-dhiù cairteal na h-uarach ron àm a thòisicheas a’ choinneamh no slot an tiocaid buidhne gus am bi tide agaibh tighinn tron deuchainn tèarainteachd nuair a ruigeas sibh agus ar tiocaidean a thogail.
Airson fiosrachadh air turas a chur air dòigh, tiocaidean a chlàradh, cuairt threòraichte no turas buidhne, cuiribh fios oirnn mus tig sibh. Seo dòighean a chuireas sibh fios oirnn:
|

|
Seòladh |
Seirbheisean Luchd-tadhail
Pàrlamaid na h-Alba
Dùn Èideann
EH99 1SP |

|
Fòn |
0131 348 5200 |
| |
Fòn teacsa |
faodar fios a chur oirnn air 0845 270 0152. Cuiridh sinn fàilte cuideachd air gairmean RNID Typetalk |

|
Facs |
0131 348 5601 |
@ |
Post-d |
sp.bookings@scottish.parliament.uk |
|